Dh'fhaodadh gun do lorgar corp Lachlann Simpson

Lachlann Simpson Image copyright Other
Image caption Chaidh Lachlann fhaicinn mu dheireadh ann an Dòrnach air 26mh an t-Iuchar.

Chaidh innse do theaghlach Lachlann Simpson, a th' air a bhith a dhìth bho a dhachaigh ann an Cataibh, gur dòcha gur e a chorp a chaidh lorg ann an cala an Siorrachd Obar Dheathain.

Chan fhacas Mgr Simpson, a tha 22 agus à Èireaboil, bho 26mh an t-Iuchar.

Chaidh corp a lorg san uisge ann an Whitehills, faisg air Banbh, Diciadain.

Bha grunn dhaoine saor-thoileach ag obair còmhla ri sgiobannan poilis, coin teasairginn, na Maoir-Chladaich agus an sgioba teasairginn Feachd an Adhair gus lorg fhaighinn air.

"An dèidh prìomh sgrùdaidh air a' chorp a chaidh a lorg ann an Cala Whitehills, Banbh, Diciadain, tha dùil aig an ìre seo gum faodadh gur e corp Lachlann Simpson a th' ann," thuirt na Poilis.

"Cha deach an corp aithneachadh gu foirmeil fhathast, agus tha oifigearan bhon Ghàidhealtachd agus Siorrachd Obar Dheathain ag obair còmhla ri oifis Neach-Casaid a' Chrùin.

"Tha fios ga chumail ri teaghlach Lachlann Simpson air na tha a' dol air adhart, agus cumaidh oifigearan orra a' cumail taic riutha."

Thuirt labhraiche don teaghlach fhèin: "Tha Poileas Alba a' cumail fiosrachaidh rinn a thaobh mar a chaidh corp a lorg Diciadain, agus cumaidh iad fios rinn air na tha a' dol air adhart.

"Tha sinn airson taing a thoirt don phoball airson na taice a thug iad dhuinn fhad 's a thathas air a bhith a' sireadh Lachlann, agus dh'iarramaid gun toirear spèis do ar cuid prìobhaideachd fhad 's a tha na sgrùdaidhean seo gan dèanamh."