Iomairt an aghaidh sgìrean glèidhte mara a' dol am meud

Bidh iasgairean nan Eilean Siar agus riochdairean bho chomhairle na sgìre a' coinneachadh ri Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseart Lochhead, an ath-sheachdain, 's iad ag iomairt an aghaidh sgìrean glèidhte mara eile a chomharrachadh gus am bi fiosrachadh mionaideach ann mun bhuaidh a bhiodh aca air an iasgach.

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar agus Comann Iasgairean na sgìre Diardaoin gun tèid an iomairt an aghaidh nan sgìrean MPA a leudachadh tro na meadhanan sòisealta.

Tha comhairlichean agus iasgairean air a dhèanamh follaiseach rona seo nach eil earbsa aca anns an rannsachadh a rinn Marine Scotland air sgìrean MPA air a' chost an iar.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil an suidheachadh le sgìrean glèidhte mara air mòran mhì-chinnt adhbharachadh.