BBC Naidheachdan

Trì là airson Belladrum

Published
image copyrightBBC Alba
image captionBidh Belladrum 2016 a' gabhail àite air an 4mh, 5mh agus 6mh den Lùnastal.
Thèid fèis chiùil Bhelladrum a chumail thairis air trì là a-rithist an ath-bhliadhna.
Chaidh an fhèis, a tha air a cumail ann am Beul Atha an Droma faisg air a' Mhanachainn, a leudachadh bho dhà là gu trì am-bliadhna.
Bidh Belladrum 2016 a' gabhail àite air an 4mh, 5mh agus 6mh den Lùnastal.
Bha na Proclaimers, Manic Street Preachers agus na Kaiser Chiefs am measg nam prìomh chòmhlan a chluich aig Belladrum am-bliadhna.
Nuair a dh'fhosgail an fhèis Oidhche Ardaoin am-bliadhna bha Fèill Àiteachais an Eilein Duibh a' dol agus dh'fhàs na rathaidean cho trang 's gun deach maill mhòr a chur air trafaig.