BBC Naidheachdan

Plana mionaideach ga iarraidh air hub spòrs do dh'Inbhir Nis

Published
image copyrightGetty Images
image captionChaidh velodrome a mholadh airson an hub spòrs.
Dh'aontaich Comhairlichean Gàidhealach gum bu chòir obair tòiseachadh air plana mionaideach airson hub spòrs sgìreil an Inbhir Nis.
Thèid sgrùdadh a chosgas £150,000 a dhèanamh air na molaidhean airson hub aig Pàirc a' Bhught.
Mhol sgrùdadh a chaidh a dhèanamh roimhe gum bu chòir veladrome baidhseagalachd agus goireasan airson tiomnastaics, lùth-chleasachd, diùdo agus teanas a bhith anns an àite.
Chaidh a ràdh gum faodadh e £23m a chosg an hub a thogail.