Sgrùdadh air NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Bidh Rùnaire na Slàinte Shona Robison ann an Gallaibh Diluain agus i a' dèanamh sgrùdaidh air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd.
'S e cothrom a th' ann dhan Riaghaltas agus dhan phoball ceistean a chur air a' bhòrd shlàinte mu na seirbheisean a tha iad a' tabhainn.
Tha e air a bhith na dhuilgheadas mòr do NHS na Gaidhealtachd na leabhraichean cunntais aca a chothromachadh.
An-uiridh thàinig orra iasad de £2.5m fhaotainn bhon Riaghaltas.
Am-bliadhna thuirt Stiùiriche an Ionmhais Nick Kenton gu bheil iad aig an ìre seo £14m thairis air am buidseat.
Na bheachdsan ge-tà, thèid aca air na leabhraichean cunntais a chothromachadh.
Tha cion luchd-obrach na dhuilgheadas mòr aig ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige, agus do sheirbheis fiaclaireachd na sgìre cuideachd.
Tha mì-thoileachas mòr anns an sgìre mu dheidhinn.
Thuirt fear-cathrach a' Bhùird, Gary Coutts, gu bheil e an dùil gum bi a' Bh.Ph. Robison riaraichte leis an obair a tha iad a' dèanamh.