Rabhadh mu luchd-carthannais fuadain

  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ann an Steòrnabhagh a' cur an cuimhne dhaoine a bhith air am faiceall, 's aithrisean ann gu bheil dithis fhireannach air a bhith a' gnogadh air dorsan dhaoine air a' Bhac ann an Leòdhas a' toirt a' chreids' gu bheil iad a' cruinneachadh airgid os leth Buidheann Aillse Mhic a' Mhaoilein.

Thuirt an cathrannas nach eil an dithis clàraichte aca.

Thathas a' moladh do dhaoine fianais iarraidh bho dhaoine a thig gu na taighean aca san t-seadh sin, a dhearbhas cò iad, no fios a chur gu na Poilis.