Fireannach ciontach de dh'ionnsaigh sgèine
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach fhaighinn neo-chiontach air casaid gun do dh'fheuch e ris a chompanach a mhurt ann an Grìminis ann am Beinn nam Fadhla na bu tràithe am-bliadhna.
Aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu ge-tà, fhuaireadh Aonghas Dòmhnallach ciontach air casaid eile gun tug e ionnsaigh le sgithinn air Anna Stiùbhairt anns an eilean san Fhaoilleach.
Chuala a' Chùirt gun robh Aonghas Dòmhnallach, 49, is Anna Stiùbhairt, air a dhol a-mach air a chèile ann an Grìminis san Fhaoilleach am-bliadhna is iad air a bhith ag òl.
Chaidh innse gun do bhuail Anna Stiùbhairt an Dòmhnallach, is gun do thog esan an uair sin sgian, 's gun do shàth e i.
Thuirt dotairean gun do dh'fhàg an ionnsaigh i ann an cunnart a beatha.
Chaidh an Dòmhnallach fhaighinn neo-chionntach air casaid gun do dh'fheuch e ri Anna Stiùbhairt a mhurt.
Fhuaireadh e ciontach ge-tà, air casaid eile gun tug e ionnsaigh orra le sgithinn.
Bha an Dòmhnallach air a dhol às àicheadh nan casaidean, is e ag ràdh gun robh e ga dhìon fhèin.
Thuirt am britheamh, Coinneach MacÌomhair, gun tèid binn prìosain air Dòmhnallach nuair a thilleas e dhan Chùirt nas fhaide air a' mhìos.