Cosgaisean lìbhrigidh fhathast mì-chothromach
- Air fhoillseachadh

Tha a' cheithir uimhir de chosgais-lìbhrigidh air daoine ann an sgìrean dùthchail na h-Alba airson stuthan a thathas a' ceannach air an eadar-lìon, an coimeas ri sgìrean eile den dùthaich, a rèir rannsachaidh ùir.
Tha Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill, a rinn an sgrùdadh, air iarraidh air an Riaghaltas agus gnìomhachasan an eadar-lìn obrachadh còmhla airson na cosgaisean a lùghdachadh.
Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil na cosgaisean cothromach.
Anns an sgrùdadh aca, rinn iad rannsachadh air 500 bùth air an eadar-lìon.
Fhuair iad gun robh nas lugha dhiubh na chleachd a' cur chosgaisean lìbhrigidh a bharrachd air parsailean ann an sgìrean dùthchail, seach sgìrean eile.
Ach chuir an fheadhainn a bha fhathast gan cur an sàs na cosgaisean aca an-àirde gu mòr.
Thuirt a' bhuidheann gu bheil na cosgaisean a bharrachd a' toirt droch bhuaidh air daoine ann an sgìrean duthchail, agus air gnìomhachasan agus eaconamaidhean nan sgìrean sin.
Chuir Riaghaltas na h-Alba ìmpidh air luchd-reic mar tha a thaobh chosgaisean bathair àrda.
Tha dùil gum bi Buill-Phàrlamaid ann an Westminster a' deasbad na cùise Dimàirt.