A' Ghàidhlig is ath-leasachadh fearainn

  • Air fhoillseachadh
Fearann
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail a' siubhail mu chuairt na h-Alba an-dràsta a' trusadh bheachdan air a' bhile bhon phoball.

Bu chòir spèis dhan Ghàidhlig a bhith na pàirt de dh'ath-leasachadh an fhearainn, an rèir eòlaiche air lagh na h-Alba, Malcolm Combe.

Tha dùil gun tèid Coimisean Fearainn na h-Alba a stèidheachadh mar phàirt de Bhile Ath-Leasachaidh an Fhearainn agus tha Mgr Combe a' moladh gum biodh a' Ghàidhlig aig aon duine, air a' char as lugha, de bhuill a' choimisein sin.

Tha dùil gum bi sianar air a' Choimisean, agus beachd ann cuideachd gum biodh an aon sheòrsa cuideim air Albais.

Choinnich Comataidh nan Cùisean Dùthchail ann am Port Rìgh gus beachdan a thrusadh san sgìre mu na tha Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn a' moladh.

Beatha Làitheil

"Nam feumadh cuideigin le eòlas air a' Ghàidhlig a bhith air a' Choimisean, 's e deagh rùn a bhiodh an sin don chànan, bhiodh e feumail saoilidh mi a thaobh a bhith a' tuigsinn mar a bha fearann gu h-eachdraidheil far a bheil ciall ainm an àite gu feum," thuirt Mgr Combe.

"Saoilidh mi gur e gluasad cudromach, samhlachail a bhiodh ann cuideachd, agus a thuilleadh air sin, a thaobh Achd na Gàidhlig, bhiodh e feumail dha-rìribh Gàidhlig a bhith na pàirt de Choimisean Fearainn na h-Alba.

"Chan eil aige an-dràsta ach ainm Gàidhlig. Tha sin glan - ach an comas a bhith ann obrachadh sa Ghàidhlig, dh'fhaodadh gum biodh sin na b' fheumaile," thuirt e.

Ma thèid an Coimisean a stèidheachadh, bhiodh ainm Gàidhlig air, a rèir reachdais. Ach 's e sin an aon iomradh a th' ann air a' Ghàidhlig anns a' bhile.

Tha mar thà uallach reachdail gum bi neach-labhairt Gàidhlig air Coimisean na Croitearachd agus aig Cùirt an Fhearainn.

A dh'aindeoin 's gu bheil Mgr Combe ag ràdh nach eil an aon fheum aig Coimisean an Fhearainn air neach-labhairt Gàidhlig air adhbharan conaltraidh 's a bha nuair a chaidh lagh na croitearachd agus Cùirt an Fhearainn a stèidheachadh, tha e ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba cothrom a ghabhail a dhèanamh soilleir gu bheil iad a' faicinn na Gàidhlig mar chànan beò.

"Ma tha an cànan gu bhith dha-rìribh beò, feumaidh i a bhith na pàirt de bheatha làitheil na dùthcha," thuirt Mgr Combe.

"Saoilidh mise gum biodh e cudromach nam biodh cuideam air a' chànan chan ann a-mhàin air cinn litreach, no ann am facal no dhà an siud 's an seo, ach nam biodh cothrom aig daoine gnothach a ghabhail rithe," thuirt e.

Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail a' siubhail mu chuairt na h-Alba an-dràsta a' trusadh bheachdan air a' bhile bhon phoball.