Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Alexander Pacteau

Chaidh binn beatha sa phrìosan air Alexander Pacteau a mhuirt an t-oileanach Èireannach Karen Buckley ann an Glaschu sa Ghiblean. Dh'aidich Pacteau, a tha 21 bliadhna de dh'aois, gun do mhuirt e Karen Buckley, a bha 24, an dèidh dha tachairt oirre aig club-oidhche sa bhaile. Chuir an Àrd-Chuirt ann an Glaschu binn 23 bliadhna sa phrìosan air a' char as giorra air Pacteau.

Siria

Thuirt Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon, nach bi leisg sam bith air an Riaghaltas tuilleadh ionnsaighean bhon adhair òrdachadh air jihadaich ann an Siria a tha ag ullachadh ionnsaighean ann am Breatainn. Thuirt Mgr Fallon gun robh e laghail do Bhreatainn a thaobh dìon na dùthcha ionnsaigh le dròn a dhèanamh ann an Siria air a' mhìos a chaidh anns an deach dithis à Breatainn a bha a' sabaid air taobh na Stàite Ioslamaich a mharbhadh.

Eucoir

Bha nas lugha de dh'eucoir an Alba a-rithist air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt. Tha na figearan as ùire ag ràdh gun tàinig an àireamh, a chlàr na Poilis, sìos 5%, dhan ìre as lugha ann an 40 bliadhna. Thàinig àrdachadh air an àireamh chùisean de dh'eucoir dhrabasta, agus na Poilis ag ràdh gur e as coireach ri sin gu ìre gu bheil daoine a dh'fhulaing nas deònaiche a dhol dha na Poilis, agus gu h-àraid le gearain air eucoir a thachair o chionn ùine.

Bhòtaichean Sasannach airson Laghan Sasannach

Tha dà chomataidh ann an Westminster a' tòiseachadh an-diugh air sgrùdadh air na planaichean connspaideach a chuireadh bacadh air còirichean bhòtaidh nam ball Albannach. Tha Bhòtaichean Sasannach airson Laghan Sasannach ag amas air bhòt do bhuill Shasannach agus Chuimreach a-mhàin air cùisean nach buin ach dha na sgìrean acasan. Tha gearainnean ann ge-tà gun cruthaich sin dà inbhe de Bhuill-Phàrlamaid.

Loch Àlainn

Tha muinntir Loch Àlainn an Loch Abar a' dol a thogail taighean air prìs reusanta an dèidh airgead fhaighinn airson pìos talamhainn a cheannach bho Mhaoin Fearainn na h-Alba. Fhuair Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Morbhairne £127,000 airson an talamh a cheannach. Tha iad am beachd ochd taighean a thogail, dachaigh-chùraim, agus ionad dualchais.