Co-chomhairleachadh mu chàball SSE
- Air fhoillseachadh

Cumaidh SSE coinneamh ann an Steòrnabhagh Diciadain a bheachdachadh air atharrachaidhean a dh'fheumas iad a thoirt air a' chàball aca a tha a' ruith fon mhuir chun nan Eileanan an Iar.
Tha riaghailtean glèidhteachais ùra a' ciallachadh gum feum iad an cabàll a thiodhlaigeadh air grunnd na mara neo clachan a chur air uachdar airson a dhìon.
Tha ceist ann ge-tà, mu cò air a thuiteas cosgais na h-obrach sin.
Thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, gu bheil e cudromach gun nochd daoine aig a' choinneimh airson na beachdan aca a thogail.
"Tha an càball air a bhith ann bho chionn iomadach bliadhna - 's e càbal aosta a th' ann - agus 's e an tuigse a th' againne gur ann glè ainneamh a tha càil a' dol ceàrr leis a' chàball, ach a rèir 's na tha sinn a' cluinntinn bho SSE, feumaidh iadsan leantainn a' phlana mhara a tha seo".
Strì
Tha strì fhathast a' leantainn airson càball dealain nas motha a bheireadh cumhachd bho phròiseactan gaoithe anns na h-Eileanan gu Tìr-Mòr.
Tha an Comh. MacLeòid ag ràdh gu bheil feum mhòr air a' chàball sin leis na tha de chrainn-ghaoithe gan togail anns na h-Eileanan.
"Nuair a chì thu na crainn-ghaoithe a tha a' dol an-àirde, agus an fheadhainn a tha sinn an dòchas a thèid an-àirde, tha feum againn air càball ceart - càball a bheir an cumhachd tarsainn a' chuain - chan e càball beag.
"Tha buannachd mhòr gu bhith ann dha na h-Eileanan anns na bliadhnaichean a tha romhainn ma gheibh sinn càball ceart".
Bidh a' choinneamh aig SSE ann Diciadain an 9mh là den t-Sultain ann an Taigh-Òsta a' Chaladh ann an Steòrnabhagh eadar 10:00m agus 5:00f.