Eathar ùr ag iasgach a-mach à Griomasaigh
- Published
Tòisichidh eathar ùr ag obair air iasgach chreachan a-mach à Griomasaigh an t-seachdain seo.
Chaidh an 'Guiding Star' a thogail dhan teaghlach Stiùbhart, 's chosg i còrr air £1m.
Tha sin an taca ris na £120 a chosg am bàta a chaidh a thogail do sheanair Dhàibhidh Stiùbhart ann an 1950.
Thuirt Mgr. Stiùbhart, a thug am bàta dhachaigh à Baile MhicDhubhaich far an deach a togail, gun robh iad gu math toilichte leatha agus coltas ann gum biodh e math fiù 's ann an droch mhuir.
"Dh'fhàg sinn Baile MhicDhubhaich Dimàirt agus bha i gu math garbh - bha gaoth tuath ann agus bha suail ann cuideachd - ach bha i gu math cofhurtail ged a bha i garbh agus chanainn-sa gun do thog i glè mhath anns an t-sìde a bh' ann".
Rinnear cuideachd deuchainnean iasgaich leatha air taobh sear na h-Alba airson dèanamh cinnteach gun robh an uidheamachd iasgaich anns a' bhàta ag obrachadh mar a bu chòir.
Sgìrean Glèidhte Mara
Tha dragh air Dàibhidh Stiùbhart ge-tà, mun bhuaidh a bheireadh riaghailtean ùra glèidhteachais a th' anns an amharc air an obair aca.
"'S e tòrr airgid a th' ann agus feumaidh sinn a bhith ag obair trang airson a phàigheadh air ais - agus airson sin a dhèanamh feumaidh sinn a bhith a' faighinn dha na h-àitean ceart airson a bhith ag iasgach chreachan."