Iar-chathraiche ùr air HITRANS

Cathraiche agus iar-chathraiche HITRANS
Image caption Tha Mgr MacAoidh air a bhith na bhall de HITRANS bho 2012.

Chaidh cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar a thaghadh mar iar-chathaiche ùr na buidhne còmhdhail HITRANS.

Tha Mgr MacAoidh, a tha na chomhairliche airson Nis agus an Taobh Siar, air a bhith na bhall de HITRANS bho 2012.

Tha e a' gabhail àite a' Chomh. Tòmas Pragg, a dh'fhàg a' bhuidheann air sgàth an atharrachaidh a thàinig air buidhinn-riaghlaidh Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha an Comh. Audrey Nic na Ceàrdaich, a tha na cathraiche air Comataidh Leasachadh Dealbhachaidh agus Bun-Structair Chomhairle na Gàidhealtachd cuideachd a-nis na ball de HITRANS.

Chuir cathraiche HITRANS, Seumas Stockan bho Chomhairle Arcaibh, fàilte air taghadh Mhgr MhicAoidh, 's e ag ràdh gu bheil e a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris gus ceanglaichean còmhdhail a' chinn a tuath a neartachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile