Sgìrean glèidhte mara gan deasbad
- Published
Coinnichidh iasgairean is comhairlichean às na h-Eileanan Siar ri Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, Diciadain gus na draghan a th' orra mu sgìrean glèidhte mara a chur an cèill.
Tha na h-iasgairean iomagaineach dha-rìribh mu phlanaichean gus sreath ùr de na sgìrean a chomharrachadh.
Tha iad ag ràdh gu bheil am fiosrachadh air a bheil na molaidhean stèidhichte ceàrr is nach eil e a' toirt dealbh ceart air a' bhuaidh a bhiodh aig na sgìrean glèidhte air an iasgach.
A rèir nan iasgairean, bhiodh na molaidhean a' fàgail gum biodh aig cuid ri cùl a chur ris a' ghnìomhachas.
Dàil
Dh'iarr Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gun tèid dàil air na planaichean rè ùine gus an gabh fianais ùr a chruinneachadh mu bhuaidh nan sgìrean air an iasgach.
Tha na h-iasgairean air cùl taic fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar, a dh'iarr moratorium 10 bliadhna air sgìrean glèidhte sam bith ùr timcheall air an sgìre.
Thog an t-ùghdarras dragh nach robh an Riaghaltas ag èisteachd ri beachd an t-sluaigh mun ghnothach.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cuir na sgìrean glèidhte dion air àrainneachd phrìseal mara na h-Alba agus aig a' cheann thall gum bi iad nam buannachd do ghnìomhachas an iasgaich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 28 An t-Iuchar 2015