Slèitich mì-thoilichte le SSE

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-eas-aonta stèidhichte air plana a bh'aig Urras Coimhearsnachd Shlèite crann-gaoithe a thogail.

Dh'fhàg Urras Coimhearsnachd Shlèite anns an Eilean Sgitheanach air a' chompanaidh chumhachd, SSE, gun do ghabh iad brath orra a thaobh pròiseict gus crann-gaoithe a thogail san sgìre.

B'e crann a thogail faisg air an Druim Fheàrna tè de na ciad pròiseictean a bha aig an Urras.

Phàigh an t-Urras còrr is £8,000 gus ceangal fhaighinn dhan ghrid nàiseanta, ged nach biodh sin air tachairt gu 2021.

Às dèidh dhaibh rannsachadh a bharrachd a dhèanamh ge-tà, tharraing iad a-mach às a' chùmhnant is iad ag ràdh nach tigeadh na buannachdan às a bha iad an dùil an toiseach.

Dh'iarr an t-Urras an t-airgead air ais bho SSE, ach thuirt iad nach do thill a' chompanaidh ach beagan a bharrachd air £2,000 thuca.

Fearg

Tha sin air an fhearg a chur orra.

"Cha do chuir sinn an t-airgead dhan bhanca oir tha e a' fàgail còrr is £6,000 den airgead againne a tha fhathast aig SSE", thuirt Ruairidh Greumach bho Urras Coimhearsnachd Shlèite.

"Tha iadsan ag ràdh gun do chosnaich iad an t-airgead air seòrsa de sgrùdadh a rinn iad ach cha tàinig duine sam bith dhan làraich, cha tàinig duine sam bith 'son measadh a dhèanamh gu praictigeach. £6,000? Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin uabhasach reusanta airson carthannas beag mar a tha Urras Coimhearsnachd Shlèite", thuirt e.

Tha Mgr Greumach a' cumail a-mach gun dèanadh an t-airgead feum mòr a thaobh pròiseictean eile a tha san amharc aig an Urras is gum bu chòir dha SSE a bhith mothachail gur a buidheann coimhearsnachd a th' annta.

"Feumaidh cuimhne a bhith aig SSE nach eil annainn ach cathrannas is chan e buidheann leasachaidh chorporra mhòr le cùmhnantan mòra luachmhor.

Saor-thoileach

"Tha sinn ag obair le daoine a tha a' cur a-steach ùine gu saor-thoileach. Chan eil ach ceathrar againn san oifis. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math mì-reusanta a bhith a' coimhead oirnne san aon dòigh is a tha iad a' dèiligeadh ri companaidhean mòra", thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho SSE gur e Ofgem a stèidhich na prìsean airson ceangal ris a' ghrid agus gun robh an t-airgead a phàigh an t-Urras a' gabhail a-steach cosgaisean dealbhachaidh agus sgrùdadh grid.

Thuirt iad seach gun deach an obair sin a dhèanamh mus deach an cùmhnant a chur an darna taobh, nach tèid an t-airgead a phàigheadh air ais.

Dh'innis an neach-labhairt gu bheil SSE a' tuigsinn gur e buidheann coimhearsnachd a th' anns an Urras ach nach eil e ceadaichte dhaibh dèiligeadh riutha ann an dòigh eadar-dhealaichte bho bhuidhnean leasachaidh sam bith eile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh