Nisich a' dol an tòir air na rabaidean
- Air fhoillseachadh

Chaidh comataidh ùr a stèidheachadh ann an Nis an Leòdhas gus dèiligeadh ris na tha de rabaidean anns an àite.
Nochd sluagh math aig coinneimh mun ghnothach aig oifisean Urras Oighreachd Ghabhsainn oidhche Mhàirt.
Tha e coltach gu bheil na rabaidean air a dhol nam plàigh ann an Nis is iad ri milleadh air a' mhachair agus air croitean.
'S e fear de chomhairlichean an àite, Coinneach MacLeòid, a chuir a' choinneamh air dòigh.
"Nas miosa
"Tha trioblaid mhòr air a bhith againn bho chionn bhliadhnaichean agus 's ann nas miosa tha iad air a bhith a' dol", thuirt an Comh. MacLeòid
"Mura dèan sinn càil mu dheidhinn, bidh talamh croitearachd gun fheum agus tòrr rudan eile. Tha iad fiù is a' dol a-steach gu pàirc a' bhuill-coise", thuirt e.
An comhairliche, Coinneach Macleòid, a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
Nì a' chomataidh a chaidh a stèidheachadh aig a' choinneimh a-nise sgrùdadh air mar bu chòir dèiligeadh ris an t-suidheachadh.
Bheachdaidh iad air sgioba shònraichte a thoirt a-steach à Tìr-Mòr 'son treis gus cuid de na beathaichean a spadadh.
Bha dragh ann ge-tà mun chosgais is ceist cuideachd mu cho èifeachdach 's a bhiodh sgeama den leithid.
"S e an co-dhùnadh a bh' ann gum feum sinn a bhith ri seo fad na tìde, chan e dìreach dhà no trì seachdainnean anns a' bhliadhna. Feumaidh sinn strì an aghaidh na plàigh a tha seo cha mhòr fad na bliadhna agus 's e rud a th' ann a bhios a' dol air adhart airson nam bliadhnaichean ri tighinn", thuirt Coinneach MacLeòid.
Fuasgladh
"Feumaidh sinn cuideachd dòighean eile airson na beathaichean a mharbhadh, chan eil gunnaichean a' dol a thoirt fuasgladh dhuinn air an trioblaid mhòir a th' againn", thuirt e.
Chaidh beachdachadh cuideachd air dè bu chòir a dhèanamh le closaichean nan rabaidean air a' cheann thall.
Chaidh togail air sgeama ann an Canaigh far an deach na mìltean de rabaidean a spadadh is na closaichean a reic ri taighean-bìdhe san Fhraing.
Nì a' chomataidh ùr an Nis sgrùdadh feuch an gabh rudeigin den leithid a chur dòigh acasan cuideachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 14 An Lùnastal 2015