Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bhanrìgh

Tha là mòr ann an eachdraidh na dùthcha agus a' Bhanrìgh gu bhith air a' chrùn nas fhaide na bha rìgh no banrìgh a-riamh roimhpe. An dèidh còrr is 63 bliadhna, tha i nas fhaide na Banrìgh na bha a sean sean seanmhair, Bhictoria. Tha a' Bhanrìgh ann an Alba an-diugh a' dèanamh fosgladh oifigeil air loidhne rèidhle nan Crìochan às ùr.

Òraid Jean Claude Juncker

Thuirt Ceann-suidhe Choimisean na h-Eòrpa, Jean Claude Juncker, gu bheil trioblaid nam fògarrach a' dèanamh dùbhlan mòr dhan Aonadh Eòrpach. Na òraid bhliadhnail air staid an aonaidh, thuirt e gun tàinig leth mhuillean fògarrach dhan Aonadh Eòrpach am-bliadhna mar thà agus gur ann air a' Ghrèig, an Ungair agus an Eadailt as motha a thug sin buaidh. Dh'fhoillsich e plana fon tigeadh air dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich an earrann fhèin a ghabhail de 160,000 duine.

Deasbad an SNP

Tha an SNP os cionn deasbad ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air èiginn nam fògarrach agus iad a' fàgail air a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camhshron, nach eil esan a' dèanamh gu leòr mu dheidhinn. Tha an SNP a' faighinn taic bho shia diofar phàrtaidhean, àrd-riochdairean Làbarach nam measg, is iad ag iarraidh air an Riaghaltas barrachd a dhèanamh airson na fògarraich a chuideachadh.

Sinn Féin

Chaidh fear de dh'àrd-oifigich Sinn Féin a chur an grèim agus poilis a' rannsachadh murt bho chion ghoirid a tha a' fàgail èiginn phoilitgeach ann an Èirinn a Tuath. Chaidh Bobby Storey a chur an grèim ann am Béal Feirste co-cheangailte ri murt Chaoimhin MhicGuigan air a' mhìos seo chaidh.

Teine

Chaill duine a bheatha ann an teine anns An Dùn ann an Siorrachd Obair Dheathain trath anns a' mhadainn an-diugh. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan teine ann an Newtown Drive sa bhaile goirid an dèidh meadhan oidhche agus chaidh aca air còignear a thoirt a-mach às an togalach gu sàbhailte, ged a bha iad a' fulang le ceò air an anail.

Slèite

Tha Urras Coimhearsnachd Shlèite san Eilean Sgitheanach a' gearan gun do ghabh a' chompanaidh chumhachd SSE brath orra. Phàigh an t-Urras còrr 's £8,000 airson inneal-gaoithe a cheangal ris a' ghrid nàiseanta. Ach tharraing an t-Urras a-mach às a' chùmhant agus cha d'fhuair iad air ais bho SSE ach £2,000. Thuirt SSE gun do thòisich an obair mus deach cur às dhan chùmhnant agus nach fhaigh an t-Urras an còrr airgid air ais bhuapa.