SSE
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas an Slèite le SSE

10 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Urras Coimhearsnachd Shlèite anns an Eilean Sgitheanach a' fàgail air a' chompanaidh chumhachd, SSE, gun do ghabh iad brath orra a thaobh pròiseict gus crann-gaoithe a thogail san sgìre.

Phàigh an t-Urras còrr is £8,000 gus ceangal fhaighinn dhan ghrid nàiseanta, ach tharraing iad an uairsin a-mach às a' chùmhnant.

Ged a dh'iarr iad an t-airgead air ais, cha d' fhuair iad ach beagan a bharrachd air £2,000.