"Dòchas" mu sgìrean MPA

Bàt-iasgaich
Image caption Gheibh iasgairean nan Eilean Siar cothrom an fhianais aca fhèin mu sgìrean glèidhte a chur mu choinneamh comataidh aig Holyrood.

Tha iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad an dòchas fhathast gun gabh stad a chur air planaichean gus sgìrean glèidhte mara a chomharrachadh timcheall air an sgìre.

Choinnich riochdairean bhon ghnìomhachas ri Rùnaire na h-Àrraineachd, Ridseard Lochhead, ann an Dùn Èideann, Diciadain.

Dh'aontaich am BPA Lochhead dàil de chola-deug a chur air na planaichean gus cothrom a thoirt dha na h-iasgairean fiosrachadh a chruinneachadh.

Tillidh iad dhan Phàrlamaid air an 23mh den mhìos gus am fiosrachadh sin a chur mu choinneamh Comataidh nan Cùisean Dùtchail.

Bha na h-iasgairean a' cumail a-mach bho thùs gu bheil am fiosrachadh air a bheil na planaichean stèidhichte ceàrr.

Milleadh

Tha iad ag ràdh gun dèanadh na sgìrean glèidhte milleadh air an iasgach is gum fàgadh iad gun cuireadh cuid cùl ris a' ghnìomhachas.

Thuirt Mgr Lochhead às dèidh na coinneimh gun robh an Riaghaltas air fiosrachadh a chur ri chèile a bha a' sealltainn gur e glè bheag de bhuaidh a bhiodh aig sgìrean MPA air an iasgach.

Thuirt e ge-tà gun robh e follaiseach nach robh cuid de na h-iasgairean ag aontachadh ris a sin, is gun robh e glè dheònach cothrom a thoirt dhaibh an fhianais aca fhèin a chur adhart.

Dh'innis Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gun robh iad toilichte leis a' chothrom a fhuair iad bruidhinn ri Rùnaire na h-Àrraineachd is gun do sheall iad dha gun robh fiosrachadh an Riaghaltais ceàrr.

Thuirt Mgr MacAonghais gu bheil tòrr den fhianais aca mar thà is gun till iad dhan Phàrlamaid leis a' chòrr.

"Tha sinn an dòchas às dèidh am fiosrachadh ceart a chur mu choinneamh na comataidh ann an cola-deug eile gun toir am Pàrlamaid sùil ùr an fhiosrachadh, agus gun atharraich iad na beachdan laghail a bha dùil aca a thoirt a-steach", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile