Dragh air pàrantan air a' Bhac is Tolastadh

  • Air fhoillseachadh
Rathad Sgoil a' BhacTùs an deilbh, Donald Lawson / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt pàrantan gur e glè bheag de rabhadh a fhuair iad mun atharrachadh.

Tha dragh air pàrantan aig a bheil clann ann an sgoiltean a' Bhac agus Tolastadh ann an Leòdhas gu bheil ceannard an dà sgoil air an obair fhàgail rè ùine.

Chaidh Dòmhnall Macleòid an àite fear de dh'àrd-oifigich foghlam Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh an t-àrd-oifigeach fhèin a chur gu Beinn nam Faoghla gu àm na Nollaig is e gu bhith ag obair ann an Sgoil Lionacleit.

Eadar-ama

Thèid tè de thidsearan Sgoil a' Bhac, Donna NicDhòmhnaill, os cionn nan sgoiltean anns an eadar-ama, le tidsear eadar-amail a' tighinn na h-àite mar thè-theagaisg.

Thog na pàrantan an Leòdhas dragh mu cho beag fiosrachaidh a fhuair iad mun ghnothach.

Thuirt iad gun deach innse dhaibh Dihaoine seo chaidh is gun do dh'fhàg Mgr Macleòid an obair Diluain.

Thathas a' tuigsinn nach robh fios aig comhairlichean na sgìre nas motha.

Iomagain

Tha iomagain air na pàrantan gum faodadh an gnothach droch bhuaidh a thoirt air foghlam na cloinne agus gum bi uallach a bharrachd air na tidsearan.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach e suidheachadh neo-àbhaisteach a tha seo is gur e ceist a th' ann dha na sgoiltean agus dha Roinn an Fhoghlaim fhèin.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad air ceannas làidir a chur os cionn nan sgoiltean is gum bi cothrom cuideachd aig Mgr Macleòid tilleadh gus stiùireadh a thoirt seachad.

Thathas a' tuigsinn ge-tà gu bheil comhairle nam pàrant a' beachdachadh air coinneamh iarraidh ri Stiùiriche an Fhoghlaim, Bernard Siosalach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh