Turas fada nan litrichean

Litir
Image caption Thog daoine ann an Tiriodh is Muile dragh gun robh litrichean ionadail gan cur a Ghlaschu is gan tilleadh an uairsin 'son sgaoileadh.

Thuirt am Post Rìoghail gur e "mearachd rianachd" a bu choireach ri mar a bha litrichean ionadail ann an Tiriodh agus Muile gan cur a Ghlaschu an toiseach mus deach an sgaoileadh anns na h-eileanan a-rithist.

Thog daoine dragh gun robh grunn làithean ann mus do ràinig litrichean bhon dotair is eile an ceann-uidhe.

Thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Mhuile, Billy McClymont, gur e dol a-mach gun chiall a bh' ann.

Tha am Post Rìoghail ag ràdh a-nise gun tàinig e am bàrr gun do dh'fhàg mearachd rianachd gun robh "atharrachadh eadar-amail" san t-seirbheis ann an Tiriodh agus Muile.

Thuirt iad gu bheil iad air gnothaichean a chur ceart agus bho seo a-mach nach tèid litrichean ionadail a chur a Ghlaschu.

Thuirt iad gu bheil iad duilich 'son trioblaidean sam bith a dh'adhbhraich a' mhearachd aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile