Sanas-obrach bhon Bhòrd an ath-mhìos

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na GàidhligTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha ceannard eadar-amail aig nach eil Gàidhlig os cionn a' Bhùird an-dràsta.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil dùil aca sanas airson ceannard ùr do Bhòrd na Gàidhlig a chur a-mach an ath-mhìos.

Dh'fhàg Iain Caimbeul a dhreuchd mar cheannard a' Bhùird san Òg-Mhìos às dèidh dìreach trì mìosan san obair.

Thuirt Mr Caimbeul gur e "adhbharan pearsanta" a bu choireach, ged a bha aithrisean ann air eusa-aonta am measg luchd-obrach a' Bhùird.

Chaidh Joe Moore - aig nach eil Gàidhlig - a chur san dreuchd gu h-eadar-amail san Iuchar.

Gealltanas

Bha gealltanas ann aig an àm gun rachadh ceannard ùr le Gàidhlig fhasdadh cho luath sa ghabhadh.

Thog BPA na h-Eaglaise Brice, Aonghas Dòmhnallach, an gnothach sa Phàrlamaid an t-seachdain seo is e a' faighneachd cuine bha dùil aig an Riaghltas ceannard ùr a chur san dreuchd.

Dh'innis Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gu bheil oifigich an Riaghaltais an-dràsta a' còmhradh ri cathraiche a' Bhùird mun chùmhnantan na h-obrach.

Thuirt Mgr Allan nuair a tha na còmhraidhean sin deiseil gum bi iad ag amas air an sanas fhèin a chur a-mach san Damhair.