Buidheann òg na h-Alba ga ainmeachadh

Pàirc a' Bhucht
Image caption Bidh an geama ann aig Pàirc a' Bhucht air an 24mh den Damhair.

Dh'fhoillsich Comann na Camanachd a' bhuidheann a bhios a' riochdachadh na h-Alba aig ìre fo 21 an aghaidh na h-Èireann air an ath-mhìos.

Tha coidse na h-Alba, Garry Reid, air 23 cluicheadair a thaghadh aig an ìre seo, ach thèid sin a lùghdachadh gu 19 air thoiseach air a' gheama fhèin an Inbhir Nis air an 24mh den ath-mhìos.

Bidh na h-Albannaich airson togail air cho math sa rinn iad an-uiridh nuair a shoirbhich iad an aghaidh nan Èireannach anns an An Iúr 4-9 (21) gu 0-7 (7).

Tha feadhainn a' cluich sa gheama sin a' tilleadh airson geama na bliadhna seo.

Tha a' bhuidheann mar a leanas;

Craig MacAnndrais (Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal)

Eòghan Caimbeul (A' Mhanachainn)

Malcolm Clark (Camanachd an Òbain)

Jordan Friseal (Ceann Loch Seile)

Friseal Heath (Gleann Urchadain)

Connor Howe (Camanachd an Òbain)

Cameron Keith (Caol Bhòid)

Barry Dòmhnallach (Loch Abar)

Innes Dòmhnallach (Caol Bhòid)

Jack Dòmhnallach (A' Mhanachainn)

Ruairidh MacGriogair (Ceann a' Ghiuthsaich)

Michael MacCoinnich (Lòbhat)

Gary MacFhearchair (Camanachd an Òbain)

Iain MacLeòid (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Lewis MacNeacail (Inbhir Aora)

Oliver MacRath (Ceann Loch Seile)

Daniel Madej (Celtic an Òbain)

Iain Mac an Ultaigh (Gleann Urchaidh)

Blair Moireasdan (Cabair Fèidh)

Craig Moireasdan (Cabair Fèidh)

Jordan MacCalmain (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Dòmhnall Nixon (Ceann Loch Seile)

Calum Stiùbhairt (Bail' Ùr an t-Slèibh)