Dìth thidsearan na bhacadh air FMG

Sgoil
Image caption Bha cuid ag iarraidh làn-chòir laghail aig ìre na h-àrd-sgoile, a thuilleadh air a' bhun-sgoil.

Chan eil e soilleir ciamar a ghabhadh làn-chòir a thoirt do phàrantan air fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig, air sgàth dìth thidsearan, a rèir Comataidh Phàrlamaidich.

Dh'fhoillsich Comataidh an Fhòghlaim aithisg air Bile an Fhoghlaim, a tha a' dol a chur dleastanas air comhairlean a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, a' toirt a-steach pròiseas fo am feum comhairlean dèiligeadh le iarrtas bho phàrantan airson aonadan Gàidhlig bun-sgoile.

Tha a' Chomataidh cuideachd ag ràdh gu bheil e ceart am pròiseas a thoirt a-steach airson na bun-sgoile a-mhàin, seach an àrd-sgoil cuideachd, mar a bha cuid ag iarraidh.

Dh'fheumadh Comhairle làn-rannsachadh a dhèanamh agus adhbharan a thoirt seachad airson a' cho-dhùnaidh aca.

Tidsearan

Bha cuid de bhuidhnean, leithid Comann nam Pàrantan, ag iarraidh gun deadh sin na b' fhaide, 's gun deadh còir laghail a thoirt do phàrantan air foghlam Gàidhlig.

Ach tha aithisg na comataidh ag ràdh nach biodh sin iomchaidh air sgàth dìth thidsearan.

Tha iad ag ràdh gun tuirt an dà chuid Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd riutha gum biodh e doirbh còir a thoirt seachad an-dràsta, air sgàth dìth thidsearan is dìth ghoireasan.

Bha am Bòrd agus a' Chomhairle ge-tà, ag iarraidh am pròiseas a thoirt a-steach airson iarrtasan àrd-sgoile cuideachd, seach dìreach sa bhun-sgoil.

Ach tha a' Chomataidh ag ràdh gum biodh sin doirbh, le dìth thidsearan.

"Tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gun tig fàs air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, ach cha ghabh sin dèanamh mura bheil na goireasan a tha a dhìth ann," thuirt Stiùbhart MacSuail BPA, Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Holyrood.

"Cha b' fhiach e a ràdh gu bheil còir ann, nuair nach eil na goireasan sin againn airson sin a thoirt gu buil.

"Dh'èist sinn ris an fhianais o gach taobh san argamaid. Bha cuid de dhaoine, gu leòr de dh'ùghdarrasan ionadail mar eisimpleir, gu mòr an aghaidh còir laghail a bhith ann.

"Saoilidh mi gun deach againn air sin a chothromachadh an seo, le bhith a' cur taic ri tuilleadh adhartais do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a' toirt còir do phàrantan iarraidh gun dèanar measadh air an iarrtas a th' ann, ach aig a' cheart àm ag aithneachadh nan duilgheadasan practaigeach a tha mu choinneimh gach cuid Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail.

Iarrtas

"Tha sinn airson cuideam a chur orra. Tha sinn ag iarraidh adhartas a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.

"Ach feumaidh sinn gabhail ris an da-rìribh - mura bheil tidsearan gu leòr againn, cha ghabh e coileanadh.

"Tha sinn an dòchas gun cuir am bile seo air adhart, gum brosnaich e ùghdarrasan ionadail tuilleadh thidsearan a lorg airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ma tha iarrtas san sgìre aca airson gun tèid clann oideachadh sa Ghàidhlig, 's e sin a bu chòir a bhith air a thoirt seachad.

"Saoilidh mi, mu dheireadh thall, gum faigh sinn còir laghail. Ach aig an àm seo tha làn-chòir laghail pìos air falbh bhuainn fhathast.

"Tha gu leòr de sgìrean den dùthaich far nach bruinnear a' Ghàidhlig idir cha-mhòr, agus bhiodh e ceàrr toirt air sgìrean far nach eil i ann gabhail ri làn-chòir laghail.

"Ach aig a' cheart àm tuigidh sinn an tàire a tha pàrantan a' faighinn ann an sgìrean eile far a bheil iarrtas mòr ann nach eil ga fhreagairt.

"Tha sinn air an rathad, ach bheir e bliadhnaichean fhathast saoilidh mi mus ruig sinn an ceann-ùidhe sin," thuirt e.

Mì-thoileachas

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iadsan airson gun tèid am Bile a neartachadh airson a dhèanamh nas doirbhe do chomhairlean air feadh na dùthcha foghlam tro meadhan na Gàidhlig a dhiùltadh.

A rèir Bhrus Robasdain, ceannard eadar-amail an fhoghlaim aig a' Bhòrd, tha dòchas math gun tachair sin aig an ath-ìre den Bhile.

Thuirt gu bheil e an dùil gun toir an Riaghaltas a-steach ionnstramaidean reachdail an cois a' Bhile a nì soilleir an dleastanas a bhios air comhairlean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad mu ghabhas sin dèanamh idir.

Ach tha cuid de luchd-iomairt na Gàidhlig mì-thoilichte.

Thuirt an t-Oll. Rob Dunbar bho Oilthigh Dhùn Èideann, a' sgrìobhadh air Facebook: "Tha sinn a' dol mun cuairt ann an cearcal, a chàirdean, fhad 's a tha a' chànain a' sìor-lagachadh.

"'S e aon de na h-argamaidean airson còirichean laghail gum biodh na còirichean sin a' toirt air gach buidhinn phoblaich a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig rudeigin a dhèanamh mu ghainnead thidsearan, oir mura dèanadh iad rudeigin, bhiodh iad a' briseadh lagh na dùthcha.

Chan eil sin doirbh a thuigsinn, agus 's ann air sàilleabh sin a tha reachdan ann an lagh eadar-nàiseanta agus reachdan ann an dùthchannan a tha an da-rìribh mu mhion-chànainean a' cruthachadh chòirichean foghlaim agus chòirichean eile.

"Le còirichean, bhiodh cumhachd ann an làmhan phàrantan, seach ann an làmhan bhuidhnean poblach (na h-aon bhuidhnean nach do rinn adhartas gu leòr gu ruige seo a thaobh gainnead thidsearan!).

"'S ann a tha e tàmailteach gu bheil am Pàrtaidh Nàiseanta, a thug làn-thaic do chòirichean laghail nuair a bha iad air na beingidhean dùbhlanach, air fàs cho frionasach nuair a bhios iad ann an cumhachd.

"Agus ciamar fo thalamh a tha sinn ann an suidheachadh far a bheil Comataidh Pàrlamaide a tha loma-làn bhall nàiseantach a' cleachdadh fhaclan Bhòrd na Gàidhlig an aghaidh na còrach dhan tug am pàrtaidh taic (agus dhan tug Comann na Gàidhlig agus gach buidheann eile ann an saoghal na Gàidhlig taic) sa bhliadhna 2000?"