Gob a' Ghallain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Briseadh-dùil bhon MoD

11 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S e briseadh-dùil a th' ann nach eil an MOD deònach barrachd taic a thoirt dhan oidhirp choimhearsnachd seann ionad RAF an Àird Ùig' ann an Leòdhas a cheannach, a rèir mhuinntir na sgìre.

Tha an MOD ag iarraidh £110,000 'son na làraich, ach tha Urras Gob a' Ghallain ag ràdh gum bi a' chosgais iomlan fada nas àirde na sin.

Tha Eilidh NicLeòid air a bhith a' leantainn an sgeòil.