Siostam parcaidh ùr aig Colaiste Inbhir Nis

Colaiste Inbhir Nis
Image caption Chosg a' cholaiste ùr £50m, agus i mar phàirt de leasachadh campais ùr air iomall a' bhaile.

Cuiridh ceannardan Colaiste Inbhir Nis siostam cheadan-parcaidh an sàs aig an làraich ùir aca, ri linn gainnead àitichean-parcaidh.

Chaidh Colaiste ùr Inbhir Nis, a chosg £50m, a thogail aig làrach an Fhaidhbhilich air iomall a' bhaile.

Tha a' chuid mhòr den champas fhathast falamh, ach a dh'aindheoin sin tha oileanaich a' gearain nach urrainn dhaibh àite a lorg airson parcadh, 's gum feum iad parcadh air oir an rathaid.

Tha iad ag ràdh an uair sin gu bheil oifigearan parcaidh a' fàgail stiogairean air na h-uinneagan aca a tha doirbh a thoirt dheth.

Tha ceannardan na colaiste a-niste air innse gu bheil iad a' cur siostaim cheadan-parcaidh an sàs airson a' chùis a rèiteach, coltach ris an fhear a bh' aca aig an seann làrach air an Longman.

Anns an eadar-ama tha iad air iarraidh air daoine siubhal a-steach còmhla sna càraichean aca, air no baidhseagalan no còmhdhail phoblach a chleachdadh.