Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist

Chaidh 18 duine de chloinn-sgoile a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaiste eadar bus agus càr anns an Àrd-Ruighe anns a' mhadainn an-diugh. Bhuineadh iad uile do dh'Àrd-Sgoil Caldervale sa bhaile. Tha poilis ag ràdh nach deach duine dhiubh a dhroch leòn. Thàinig an dithis a bh' anns a' chàr às gun chron cuideachd.

Èirinn a Tuath

Thuirt Rùnaire Èireann a Tuath, Theresa Villiers, gum feumar dèiligeadh ri ceist nam buidhnean armaichte nuair a thòisicheas còmhradh às ùr an ath-sheachdain eadar na diofar phàrtaidhean aig Stormont. Bidh prìomh àite sna còmhraidhean aig an èiginn anns a' bheil co-bhanntachd riaghlaidh Èireann a Tuath, 's am Prìomh Mhinistear Peadar Robinson aig an DUP agus ministearan eile na pàrtaidh a' seasamh an dara taobh agus àimhreit phoileataigeach ann mu chasaidean gun robh an IRA an sàs ann am murt ann am Béal Feirste air a' mhìos a chaidh.

Fògarraich

Tha ministearan cèine na Gearmailt gus Lucsamburg ann an còmhradh ri ministearan à ceithir dùthchannan eile ann am meadhan na h-Eòrpa air a bheil dragh gum feum iad an earrainn fhèin a ghabhail de dh'in-imrichean. Tha Poblachd nan Seiceach, an Ungair, a' Phòlainn agus Slobhaigia ag ràdh gur ann a bu chòir dhan AE a bhith a' sealltainn ris na trioblaidean as coireach gu bheil fògarraich a' falbh às na dùthchannan dham buin iad.

Binn Shaighdeir

Thòisich iomairt airson binn prìosain nas giorra air saighdear a chaidh a dhiteadh airson fear de na Taliban a mhurt ann an Afganastan. Chaidh binn beatha air an t-Sgt. Alexander Blackman ann an 2013, agus bidh e ochd bliadhna sa phrìosan air a' char as giorra. Tha sgioba lagha ùr ag ràdh ge-tà, gun robh e a' fulang le buaidh a' chogaidh - Combat Stress Dissorder - agus gur e diteadh airson marbhadh a bu choltaiche, seach diteadh airson muirt.

Foghlam Gàidhlig

Thuirt Comataidh an Fhoghlaim ann am Pàrlamaid na h-Alba gur e dìth thidsearan as coireach nach b' urrainn dhan Riaghaltas tuilleadh chòirichean a thoirt do phàrantan air foghlam Gàidhlig sna sgoiltean. Tha cuid air a bhith a' gearain nach eil Bile an Fhoghlaim a' toirt làn-chòir do phàrantan air foghlam Gàidhlig do an cuid chloinne. Ach thuirt aithisg na Comataidh air a' bhile sin gu bheil cion thidsearan gan cuingealachadh.

Port Steòrnabhaigh

Gheall Ùghdarras Port Steòrnabhaigh gun dèan iad barrachd conaltraidh ri luchd-cleachdaidh. Thuirt cathraiche a' phuirt, Murchadh Moireach, an dèidh coinneimh phoblaich an-raoir gu bheil iad seachad a-niste air trioblaidean a bh' aca an-uiridh agus aig toiseach na bliadhna seo, agus gu bheil iad a-niste ag ullachadh plana leasachaidh a bheir piseach air a' phort agus air a' bhaile.