"Chan atharraich an lagh àireamhan thidsearan"

Foghlam Gàidhlig
Image caption Cha bhi còir laghail air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fon bhile a th' ann aig an ìre seo.

Tha fearg air luchd-iomairt nach tèid còir laghail a thoirt do phàrantan ann an Alba air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Rinn Comataidh Foghlaim agus Cultair na Pàrlamaid Albannaich sgrùdadh air Bile an Fhoghlaim fom feum ùghdarrasan ionadail measadh a dhèanamh air iarrtasan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach cha toir e còir laghail dhaibh foghlam Gàidhlig fhaighinn.

Thuirt an t-Oll. Rob Dunbar bho Oilthigh Dhùn Èideann, gun robh an Riaghaltas air tarraing air ais bho na gheall iad air foghlam Gàidhlig.

Tha a' Chomataidh ag ràdh ge-tà, gur e gainnead luchd-teagaisg Gàidhlig an cnap-starra mòr.

Leisgeulan

"Tha spèis agam do Rob, ach chan eil mi ag aontachadh ris an rud a tha e ag ràdh anns a h-uile dòigh, feumaidh mi a ràdh," thuirt Ministear an Fhoghlaim Alasdair Allan.

"A' cheist a th' ann, chan ann dìreach mu dheidhinn a' phròiseas a th' anns a' bhile airson phàrantan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, ach 's e a' cheist a th' ann, agus tha Rob ceart a bhith a' togail na ceiste seo, dè thachras aig deireadh a' phròiseas sin?

"Agus tha mi an dòchas nuair a tha am bile a' dol tron Phàrlamaid, agus tha e aig an dàrna ìre an-dràsta, gum bi cothrom ann airson leasachaidhean agus molaidhean airson am bile a neartachadh.

"Am puing a tha connspaideach, 's e dè thachras aig deireadh a' phròiseas - a bheil dleastanas aig comhairlean rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn an iarrtais a th' anns gach sgìre?

"Sin far am bi an deasbad mu dheidhinn chòirichean, agus tha mi an dòchas cuideachd gur ann an sin a bhios na leasachaidhean dhan bhile.

"Tha aithisg na Comataidh a tha a' sgrùdadh a' bhile ag ràdh gu bheil laigse ann a thaobh an dleastanais a th' air comhairlean, no cuideachd faodaidh tu a ràdh, na leisgeulan a bhiodh aig comhairlean aig deireadh a' phròiseas nach biodh iad a' dèanamh rud sam bith mu dheidhinn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgìre aca.

"Tha mi cinnteach gum bi deasbad an sin, a thaobh dè an dòigh a bhith a' dèanamh cinnteach nach eil leisgeulan den t-seòrsa sin aig comhairlean.

"Tha cuid a' bruidhinn mu dheidhinn "presumption in favour" airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgìrean, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' ciallachadh gu bheil an dà bheachd a' gluasad nas fhaisge air a chèile.

Cùrsaichean

"Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh dleastanas aig comhairlean rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn an iarrtais a th' ann, agus a dhearbhadh ann an dòigh carson nach bu chòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith air a stèidheachadh anns an sgìre.

"Tha e a' gluasad an dleastanais bho carson a bhitheadh, gu carson nach bitheadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann.

"Tha daoine ceart a bhith ag ràdh gur e cion thidsearan an cnap-starra as motha a th' ann airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus feumaidh mi a ràdh cuideachd, nach biodh lagh sam bith ag atharrachadh sin.

"Na rudan a tha a' tachairt a tha a' cuideachadh leis an duilgheadas sin, 's e na cùrsaichean a th' air an cur ri chèile.

"Tha na h-àireamhan a' dol suas airson daoine a tha ag iarraidh a bhith nan tidsearan Gàidhlig, agus tha na figearan aig an ìre as àirde a bh' ann.

"Ach cha bhi lagh fhèin a' cuideachadh le sin. Feumaidh sinn uile a bhith ag obair le chèile a dhèanamh cinnteach gu bheil na tidsearan ann," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo