Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Dh'ainmich Ceannard ùr nan Làbarach, Jeremy Corbyn, na prìomh dhreuchdan sa chaibineat aige. 'S e John MacDonnell bho fhìor làimh chlì na pàrtaidh, agus a bha os cionn iomairt Mhgr Corbyn, an Seansalair Dùbhlanach, agus 's e Andy Burnham, a sheas an aghaidh Mhgr Corbyn, an Rùnaire Dùthcha. Tha Mgr MacDonnell air a bhith ga dhìon fhèin bho chasaidean nach eil eòlas gu leòr aige airson na h-obrach.

Inimrichean

Tha ministearan an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh sa Bhruiseil a dheasbad nam mìltean mòra dhaoine a tha a' dèanamh imrich à Siria, Iorac, agus Afganastan. Tha an t-Aonadh air planaichean ullachadh airson inimrichean a roinn eadar dùthchannan an Aonaidh, ged nach eil cuid de na dùthchannan deònach gabhail ri sin.

Tha an iomairt ann an Leòdhas agus na Hearadh airson stuth a nì cobhair air na fògarraich a' soirbheachadh cho mòr agus gu bheil iad a' coimhead airson togalaich eile airson na h-obrach. Dh'fhalbh a' chiad luchd de stuth gu Tìr Mòr air an deireadh-sheachdain, 's tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil cho fialaidh 's a tha muinntir nan Eilean, a' ciallachadh gu bheil e doirbh dhaibh dèiligeadh ris na fhuair iad de stuth.

An Èipheit

Thuirt an Èipheit gun robh luchd-turais am measg na chaidh a mharbhadh nuair a loisg feachdan tèarainteachd na dùthcha le mearachd air buidhinn de luchd-turais. Bha dithis à Meagsago am measg 12 dhuine a chaill am beatha, agus tha deichnear eile anns an ospadal.

Èirinn a Tuath

Tha luchd-pioileataigs ann an Èirinn a Tuath a' tilleadh gu Seanadh Stormont airson chòmhraidhean mun chunnart gun tuit riaghaltas co-bhanntachd na sgìre às a chèile. Bidh na diofar phàrtaidhean a' cumail chòmhraidhean fa-leth le Rùnaire Èireann a Tuath, Theresa Villiers, agus èiginn phoileataigeach ann an dèidh beachd nam Poileas gun robhan IRA an sàs ann am murt ann am Béal Feirste air a' mhìos a chaidh.

Sròn an t-Sìthein

Tha muinntir Shròn an t-Sìthein ann an Loch Abar a' gearain gu bheil uachdaran san sgìre air an rathad dhan chladh a dhùnadh orra. 'S ann air rathad prìobhaideach a tha an t-slighe gu Cladh Dhruim nan Torran, agus chaidh geata a chur anns an rathad bho chionn ghoirid. Thuirt Comhairle na Gaidhealtachd gu bheil iad a' bruidhinn ris an uachdaran, agus ri muinntir na sgìre, airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh.