Bacadh air cladh Shròin an t-Sìthein
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Shròn an t-Sìthein ann an Loch Abar a' gearain gu bheil uachdaran san sgìre air an rathad dhan chladh a dhùnadh orra.
'S ann air rathad prìobhaideach a tha an t-slighe gu Cladh Dhruim nan Torran, agus chaidh geata a chur anns an rathad bho chionn ghoirid.
Thuirt Comhairle na Gaidhealtachd gu bheil iad a' bruidhinn ris an uachdaran, agus ri muinntir na sgìre, airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh.