BBC Naidheachdan

Plana Gàidhlig Shiorrachd Obar Dheathain

Published
image captionDh'fhaodadh gun cosg am plana Gàidhlig aca còrr is £300,000 dhan Chomhairle.
Dh'fhaodadh gun cosg e còrr is £300,000 do Chomhairle Shiorrachd Obar Dheathain, am plana Gàidhlig aca a chur an sàs.
Fon phana, dheadh soidhnichean rathaid a dhèanamh dà-chànanach a thuilleadh air suaicheantas na Comhairle fhèin.
Cluinnidh comhairlichean an t-seachdain seo gur dòcha gun tèid oifigear Gàidhlig fhastadh air cùmhnant trì bliadhna, aig cosgais de mu £100,000.
Ma dh'fheuchas a' Chomhairle ri airgead a chùmhnadh le roghainnean nas saoire, tha dragh oirre gum fulaing a cliù ma thèid a' chùis a chur mu choinneimh Riaghaltas na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Deasbad mun Ghàidhlig an Obar Dheathain