Poilis na h-Alba air leisgeul a thabhann

Thabhann Poilis na h-Alba leisgeul air rothaiche a chaidh a ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid air an A87 faisg air Caisteal Eilein Donain.

Chaidh Ailig Gibson, 67, a leagail far a bhaidseagail le meanbh-bhus sa Ghiblean 2013, ach cha deach oifigearan dhan ospadal airson a cheasnachadh mun tubaist.

Bha dràibhear a' mheanbh-bhus air innse dha na Poilis gur e Mgr Gibson a bu choireach ris an tubaist, ach chaidh deach bruidhinn ris fhèin air neo innse dha bhean gun robh e air a bhith ann an tubaist.

Ged nach deach casaidean a thogail an aghaidh an dràibheir, shoirbhich le iomairt Mhgr Ghibson gus airgead-dìolaidh fhaighinn.

Tha Poilis na h-Alba a-nis air aideachadh nach robh an rannsachadh aca coileanta, agus tha iad air leisgeul a thabhann dha Mgr Walker.

Thuirt iad gun deach na chaidh ionnsachadh bhon chùis seo a sgaoileadh am measg nan oifigearan aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile