Slaic air NHS nan Eilean Siar

Nurs
Image caption Dh'aidich NHS nan Eilean Siar nach robh dotair ri fhaotainn an Leòdhas no sna Hearadh fad 24 uairean de thìde.

Thug tè a bha bliadhnaichean na nurs aig àrd-ìre le NHS nan Eilean Siar slaic air an t-seirbheis a tha a' cumail cùraim mheidigich ri daoine anns an sgìre taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach.

A' bruidhinn aig ath-sgrùdadh bliadhnail na buidhne Diluain, thuirt Agnes Rothach gun robh turas as t-Samhradh seo nuair nach robh dotair ri fhaotainn ann an Leòdhas agus na Hearadh fad 24 uairean, agus nach eil an siostam, mar a tha e, sàbhailte.

"Bha là ann - 's e sin dà dhusan uair an uaireadair - eadar 08:00m Disathairne agus 08:00m Là na Sàbaid, agus cha robh dotair ann an Leòdhas no na Hearadh airson cùraim taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach," thuirt i.

"Tha sin a' dol tur an aghaidh an rud a tha am Bòrd-Slàinte a' gealltainn, gu bheil a h-uile càil ag obrachadh math dha-rìribh, agus gu beil planaichean èiginneach aca airson a h-uile càil riamh a dh'fhaodadh tachairt.

Barraigh

"'S e am plana èiginneach a bh' aca an là sin, gun robh dotair ann am Barraigh. Ma bha daoine a' fònadh gu NHS 24 agus gum feumadh iad comhairle dotair, bha iad a' bruidhinn ri fear ann am Barraigh.

"Chan eil sin gu càil de dh'fheum.

"Ma tha fìor-èiginn air daoine, tha 999 ann. Ach tha suidheachaidhean eile nach eil fìor-èiginneach, ach feumaidh daoine comhairle. Feumaidh iad stiùireadh - agus uaireannan eile feumaidh iad taic.

"Nise, tha lagh na rìoghachd a tha seo ag ràdh, nach eil duine idir idir idir ann as urrainn dearbhadh gun do bhàsaich cuideigin ach dotair.

"Tha fhios agamsa nach e suidheachadh èiginneach a tha sin dhan dotair, ach innis dhomhsa nach e rud uabhasach uabhasach trom is mì-chiallach a th' ann dhan fheahdainn a tha a' fulang leis a' bhàs.

Na Hearadh

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' tarraing ar cois a' toirt a chreids' nach eil suidheachadh ann nach eil iad air rudeigin a stèidheachadh air a shon," thuirt i.

Dh'aidich stiùiriche meidigeach na buidhne, an Dtr Aonghas MacEalair, gun robh là ann nuair nach robh dotair ri fhaighinn.

Thuirt e ge-tà, gun robh am plana èiginn a' ciallachadh nach robh duine ann an cunnart.

Tha e den bheachd gu bheil eagal air daoine ro shiostam ùr.

Thuirt e gu bheil an t-seirbheis èifeachdach agus sàbhailte agus gum feum am Bòrd-Slàinte sin a dhearbhadh dhan phoball.

Aig a' cheart àm, gheall luchd-iomairt gun lean an iomairt aca ann an ceann a tuath na Hearadh 'son dotair neo àrd-nurs a bhith ri fhaotainn san sgìre taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach, a dh'aindeoin is gun tuirt am Bòrd roimhe nach tachair sin.