Obraichean ùra an Inbhir Nis?

  • Air fhoillseachadh
Soidhne Chomhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,
Tha comhairlichean air draghan a thogail roimhe mu àitean-bìdhe ùra anns a' phàirce bhùithdean.

Dh'fhaodadh gun cruthaich leasachadh ùr a th' anns an amharc ann an Inbhir Nis 180 obair ùr.

Thathas am beachd trì taighean-bìdhe - Frankie and Benny's, TGI Friday's agus Nando's - a thogail far am b' àbhaist do bhùth Comet a bhith anns a' phàirce bhùithdean air taobh sear a' bhaile.

Tha iad cuideachd airson aghaidhean nam bùithdean a leasachadh, agus atharrachadh a thoirt air a' phàirce chàraichean.

Tha an fheadhainn a th' air cùl nam planaichean ag ràdh gum faodadh an leasachadh a bhith gu buannachd oileanach ann an Colaiste Inbhir Nis le bhith a' cruthachadh obraichean pàirt-uine agus a' toirt taghadh de dh'àitean bìdhe dhaibh.

Tha comhairlichean roimhe air draghan a thogail mu thaighean-bìdhe ùra anns a' phàirce bhùithdean gun fhios nach dèanadh iad cron air gnìomhachasan ann am meadhan a' bhaile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh