Rannsachadh air buaidh sheirbheis adhair an Eilein Sgitheanaich

  • Air fhoillseachadh
Raon-làigheTùs an deilbh, John Allan
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an raon-làighe san Aiseag ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich fhosgladh ann a 1972.

Tha rannsachadh air tòiseachadh feuch dè a' bhuaidh eaconamach a bhiodh ann nan rachadh seirbheis adhair a stèidheachadh às ùr eadar an t-Eilean Sgitheanach agus meadhan na h-Alba.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air a' chompanaidh eksogen a thaghadh 'son an obair-rannsachaidh a dhèanamh agus thèid bùth-obrach a chumail san Ath Leathann Diciadain le daoine aig a bheil ùidh sa phròiseact.

Bidh daoine bhon bhuidhinn iomairt Fly Skye ann còmhla ri luchd-obrach bho chomhairle na Gàidhealtachd, Alba Chruthachail agus HITRANS, a bharrachd air luchd-gnìomhachais ionadail.

Goireasan siubhail

Mar phàirt den sgrùdadh, thèid ceistean farsaing a chur air gnìomhachsan ionadail agus air buidhnean coimhearsnachd.

Thuirt Stuart Mac a' Phearsain bho HIE gu bheil goireasan siubhail làidir nam pàirt cudromach de dh'àite sam bith ma tha iad airson a bhith soirbheachail.

"Faodaidh seirbheisean adhair bho phuirt-adhair bheaga buaidh mhòr a thoirt air na coimhearsnachdan anns a bheil iad, a' toirt seachad seirbheis a tha deatamach, agus a' dèanamh cheangalan làidir ri àite eile, a bharrachd air a bhith a' brosnachadh na h-eaconamaidh.

Loganair

"'S e Inbhir Nis an t-àite as fhaisge le port-adhair dhan Eilean, agus tha e a' toirt co-dhiù còig uairean de thìde siubhal a Ghlaschu no Dhùn Èideann.

"Feumaidh sinn a bhith soilleir dè na buannachdan a bhiodh ann, ma 's e is gun deadh seirbheis adhair a stèidheachadh a-rithist".

Chaidh an raon-làighe san Aiseag fhosgladh ann a 1972 agus bha Loganair a' ruith seribheis a Ghlaschu bho 1972 gu 1988.

Anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha iomairt air èirigh 'son seirbheis ùr a stèidheachadh.