An t-Eilean Sgitheanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt MacBeth san Eilean

15 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ged a chaidh am fiolm ùr 'MacBeth' a chlàradh 'san Eilean Sgitheanach, chan eil e a' coimhead coltach gum faigh muinntir an Eilein cothrom fhaicinn air an aon là ri mòran eile.

Thèid am fiolm a sgaoileadh gu taighean-dealbh an ath-mhìos, agus bha ionad Àros ann am Port Rìgh airson a shealltain air an aon là ri na taighean-dealbh mòra.

Ach tha a' chompanaidh, Studio Canal, air innse dhaibh gum bi aca ri feitheamh cealla-deug a bharrachd mus fhaigh iad e.