Iomairt subsadaidh an Dùthaich MhicAoidh

Caoraich
Image caption Gheibh croitearan aig tuath £7 gach hectaire, fhad 's a dh'fhaodas tuathanaich air Galltachd suas ri £160 fhaighinn gach hectaire air talamh a tha nas toraiche.

Tha buidheann de chroitearan à Dùthaich MhicAoidh a' cur cuideam air Riaghaltas na h-Alba siostam subsadaidh nas cothromaich a thoirt a-steach mus tèid an sgìre na fàsaich.

Dh'fhàg iad air an Riaghaltas gu bheil iad a' coimhead nas fàbharaiche air tuathanaich air a' Ghalltachd.

Bidh croitearan ann an Ceann Loch Biorbhaidh a' faighinn £7 airson gach hectaire bhon Aonadh Eòrpach - airgead a tha air a roinn a-mach le Riaghaltas na h-Alba.

Tha e comasach do thuathanaich air a' Ghalltachd aig a bheil talamh nas toraiche suas ri £160 fhaighinn airson gach hectaire.

Ach tha na croitearan den bheachd nach eil seo cothromach, agus gu bheil an dòigh anns a bheil an t-airgead air a roinn a-mach a' taobhadh ri tuathanaich na Galltachd.

Tha iad a-nis ag iomairt airson siostaim nas cothromaiche is iad airson eisimplear na Cuimrigh a leantainn, far an d' fhuair tuathanaich taic a bharrachd às dèidh dhaibh a dhol gu lagh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e comasach do na croitearan taic a bharrachd iarraidh agus gu bheil iad an dùil £10m a bharrachd ann an taic a roinn a-mach ro 2019.