Cuirm tilleadh-dhachaigh aig a' Mhòd

An t-Òban Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Karen NicMhathain, agus Dòmhnall Seathach bho Chapercaillie am measg na bhios a' gabhail pàirt sa chuirm, a thuilleadh air Kirsteen NicDhòmhnaill agus Còmhlan Traidiseanta Àrd-Sgoil an Òbain.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a' fosgladh le cuirm tilleadh-dhachaigh ann an Tallaichean a' Chorrain anns an Òban air an 9mh là den Dàmhair.

Tha dùil ris na mìltean de dh'fharpaisich agus luchd-amhairc bho fhad is farsaing.

Tha Karen NicMhathain, agus Dòmhnall Seathach bho Chapercaillie am measg na bhios a' gabhail pàirt sa chuirm, a thuilleadh air Kirsteen NicDhòmhnaill agus Còmhlan Traidiseanta Àrd-Sgoil an Òbain.

Bidh sin uile a' tachairt an dèidh caismeachd le lòchrain eadar Ceàrnag an Stèisein agus an talla.

Bho Dhihaoine an 9mh là den Dàmhair chun an 17mh bidh iomall a' Mhòid a' ruith ri taobh nam farpaisean, a' toirt a-steach chuirmean, seiseanan ciùil, bàrdachd, dannsa agus ealain eile.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich gun robh an iomall a' toirt Dualchas na Gàidhlig gu luchd-èisteachd ùr, Gàidheil is Goill còmhla.