MacCarmaig: "Còir laghail a dhìth"
- Air fhoillseachadh
Tha Mgr MacCarmaig ag ràdh gun deach targaidean a chur sa Phlana Nàiseanta agus dùil gum biodh còir laghail aig pàrantan.
Tha seann chathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig, ag ràdh nach tèid aig an Riaghaltas air Plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh mura bi còir laghail aig pàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha esan ag ràdh gum feumar sin a chur ann am Bile ùr an Fhoghlaim, ged a tha Comataidh an Fhoghlaim aig Holyrood ag ràdh gu bheil trioblaid bhunaiteach ann le cion thidsearan Gàidhlig.
"Mar fhear a bha an sàs nuair a chaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig a sgrìobhadh an turas mu dheireadh, chuir sinne targaidean anns a' phlana a tha sin le dùil gun robh an còir laghail a tha seo gu bhith ann," thuirt Mgr MacCarmaig.
"Às aonais còir laghail, chan eil mise a' creidsinn gun gabh na targaidean anns a' Phlana Nàiseanta - mar eisimpleir - a choileanadh.
"'S e plana nàiseanta a th' ann - chan e plana Bhòrd na Gàidhlig a th' ann, 's e plana a chaidh aontachadh le ministearan agus aontachadh leis a' Phàrlamaid, agus ma tha iad ann an da-rìribh mu dheidhinn a bhith a' lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, bu chòir dhaibh an ceum seo a ghabhail agus còir laghail a thoirt dhuinn," thuirt e.