Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Thuirt ceannard na seirbheis tèarainteachd MI5 gu bheil a' bhuidheann a' dèiligeadh ris an àireamh chùisean as motha de chunnart bho cheannairc bho àm nan ionnsaighean mòra air Aimeireaga anns an t-Sultain ann an 2001. Thuirt Anndra Parker gu bheil esan ag iarraidh co-obrachaidh nas fheàrr eadar MI5, na companaidhean eadar-lìn agus fòn-làimhe airson sùil a chumail air conaltradh eadar feadhainn a tha fo amharas mu cheannairc.

Na Fògarraich

Tha aithrisean às a' Ghearmailt gun do ràinig còrr is 9,000 fògarrach stàit Bavaria an ceann a deas na dùthcha an-dè. Chuir na h-ùghdarrasan sa Ghearmailt smachd às ùr air crìochan na dùthcha air an deireadh-sheachdain, agus tha ceudan dhaoine a-niste a' feitheamh ri faighinn a-staigh dhan dùthaich às an Ostair. Chuir Bulgàiria 1,000 saighdear air crìochan na dùthcha sin ris an Tuirc, agus tha an Riaghaltas an sin ag ràdh gu bheil fògarraich a' sìor-chruinneachadh ann.

Chile

Chaidh còrr is 1,000 duine a ghluasad bho na dachannan air costaichean Chile an dèidh crith-thalmhainn mhòir agus tuinn tsunami. Chaidh còignear co-dhiù a mharbhadh. Bha meadhan na crith-thalmhainn air grunnd na mara mu 200 mìle an iar-thuath air a' phrìomh bhaile Santiago.

Referendum

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, aig òraid ann an Dùn Èideann an-diugh, gun deach Prìomh Mhinistear na h-Alba an aghaidh toil mhuinntir na dùthcha le a bhith a' bruidhinn air an dàrna referendum air neo-eisimeileachd. Thuirt Nicola Sturgeon gun cuir an SNP clàr-ama agus cùmhnantan airson referendum eile a dh'fhaodadh a bhith ann anns a' mhanifesto airson taghadh Holyrood an ath-bhliadhna.

MG ALBA

Thuirt Alasdair Moireasdan, a bh' aig aon àm na chathraihe air MG ALBA gum feumar coimhead às ùr air a' chàirdeas eadar am BBC agus MG ALBA a tha eadar iad a' ruith BBC ALBA. Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil feum air co-ionnanachd ann an com-pàirteachas sam bith, agus gu h-àraid ann an com-pàirteachas a th' air a bhith a' dol cho fada 's a tha eadar am BBC agus MG ALBA. Thuirt neach-labhairt do MG ALBA gun robh pàirt mhòr aig Alasdair Moireasdan fhèin anns an iomairt a tha a' fàgail BBC ALBA cho soirbheachail, agus gu bheil iadsan ag amas air cumail orra le sin.

Còir Laghail

Tha seann chathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig, ag ràdh nach tèid aig Riaghaltas na h-Alba air Plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh mura bi còir laghail aig pàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha esan ag ràdh gum feumar sin a chur ann am Bile ùr an Fhoghlaim, ged a tha Comataidh an Fhoghlaim aig Holyrood ag ràdh gu bheil trioblaid bhunaideach ann le cion thidsearan Gàidhlig.