Tablaidean fhathast san amharc do sgoilearan na Gàidhealtachd

Teicneòlas sgoile Image copyright Thinkstock
Image caption Tha sgrùdadh mòr a chaidh a dhèanamh leis an OECD ann an còrr air 70 dùthaich ag ràdh gu bheil ìrean foghlaim glè thric a' tuiteam nuair a tha tòrr teicneòlais ann an sgoiltean, ach cha toir sin buaidh air poileasaidh na Comhairle.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad fhathast an dùil coimpiutairan-làimhe a thoirt dhan a h-uile sgoilear àrd-sgoile anns an sgìre.

Tha seo an dèidh do sgrùdadh eadar-nàiseanta cantainn nach robh teicneòlas a' toirt piseach air foghlam chloinne, agus gur ann a dh'fhaodadh e a bhith a' dèanamh cron.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd na bu tràithe am-bliadhna gum bu chaomh leotha coimpiutair-làimhe sgoile a thoirt dhan a h-uile leanabh air prìomhan 6 agus 7 anns na bun-sgoiltean agus dhan a h-uile sgoilear anns na h-àrd-sgoiltean.

Dh'iarradh iad am poileasaidh a chur an sàs leis an ath-chùmhnant IT.

Thuirt iad nach biodh e ro chosgail agus gun do shoirbhich le sgeama pìleat aig Àrd-sgoil Alanais.

Ach, tha sgrùdadh mòr a chaidh a dhèanamh leis an OECD ann an còrr air 70 dùthaich ag ràdh gu bheil ìrean foghlaim glè thric a' tuiteam nuair a tha tòrr teicneòlais ann an sgoiltean.

Cha toir sin buaidh air poileasaidh na Comhairle ge-tà.

Thuirt neach-labhairt gun do sheall aithisg an OECD cuideachd gun dèan clann math le deagh oideachadh agus ìrean iomchaidh de theicneòlas.

Bha an neach-labhairt ag ràdh bheil iad airson dèanamh cinnteach nach tèid sgoilearan a chumail air ais air sgàth dìth teicneòlais.