Cead do dh'Àrd-Sgoil ùir an Òbain

An t-Òban Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dùil gum mair am pròiseact togail trì bliadhna, le obair a' tòiseachadh air na pàircean cluiche fhad 's a mhaireas an t-seann sgoil.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad airson àrd-sgoil ùr a thogail anns an Òban.

Bha Comataidh Dealbhachaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson cead a thoirt dhi, ach thàinig orra fios a chur gu Riaghaltas na h-Alba gun do thog Roinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd dragh mu ionad gas a tha faisg air làimh.

Cosgaidh an sgoil £24m a thogail.

Tha an làrach mu chairteal mhìle air falbh bho ionad stòraidh gas.

Nochd Roinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd dragh gun robh cunnart ann don sgoil ùir nan tachradh spreadhadh no tubaist eile aig an ionad, ach thug an Riaghaltas cead don leasachadh a dhol air adhart.

Thuirt an Comh. Dàibhidh Kinniburgh gun robh iad toilichte gun d' fhuair beachd na Comataidh taic bhon Riaghaltas agus gum faod am pròiseact gluasad air adhart.

Tha dùil gum mair am pròiseact togail trì bliadhna, le obair a' tòiseachadh air na pàircean cluiche fhad 's a mhaireas an t-seann sgoil.