Plana fhògarrach Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Fògarraich ann an CroàitiaTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,
Dhearbh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mar thà gun toir iad dachaigh do cho-dhiù fichead teaghlach à Siria sa chiad dol-a-mach.

Thèid plana a stèidheachadh Dihaoine gus fògarraich à Siria a tha a' dol a thighinn a dh'fhuireach ann an Earra-Ghàidheal a chuideachadh.

Dhearbh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mar thà gun toir iad dachaigh do cho-dhiù fichead teaghlach à Siria sa chiad dol-a-mach.

Tha a' Chomhairle air buidheann a stèidheachadh eadar iad is comainn thaigheadais is eile gus an gnothach a stiùireadh, is bidh a' chiad choinneamh aca ann Dihaoine.

Diardaoin, bha ceannard na Comhairle, Dick Walsh, aig coinneimh de CHOSLA far an deach bruidhinn air an taic as urrainn do chomhairlean a thoirt do dh'fhògarraich.

Thuirt Mgr Walsh gu bheil e den bheachd gun toir muinntir Earra-Ghàidheal gach taic ris na fògarraich a thig dhan sgìre, is air a' cheann thall gun cuir an fheadhainn à Siria gu mòr ris a' choimhearsnachd.