Bliadhna an dèidh an Referendum

  • Air fhoillseachadh
Referendum
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gun cuir an SNP plana airson referendum eile an cois a' mhanifesto aca 'son an taghaidh ann an 2016.

Bliadhna bhon referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba, tha gu leòr a' coimhead air ais air an là sin, agus air adhart gu na dh'fhaodadh a bhith fa-near dhan dùthaich san àm ri teachd.

Tha poileataigs na dùthcha san fharsainneachd air atharrachadh gu mòr san ùine ghoirid sin.

Bhòt na h-Eileanan an Iar an aghaidh neo-eisimeileachd, le 9,195 duine a' bhòtadh Bu Chòir - 47% - agus 10,544 duine a' bhòtadh Cha Bu Chòir - 53%. Chaidh 19 bhòtaichean a dhiùltadh.

Gealltanas

Bhòt Ealasaid NicDhòmhnaill an aghaidh neo-eisimeileachd.

"Aig an àm, tha thu a' faicinn ceist cho mòr sin, agus leis an dùthaich mar a tha, feumaidh atharrachaidhean a bhith ann," thuirt i.

"Bha daoine a' coimhead air an dùthaich aca fhèin, agus na beachdan aca fhèin, 's dh'fheumadh iad roghainn gu math deireannach a dhèanamh - Bu Chòir, no Cha Bu Chòir.

"Bha iad ag innse dhuinn aig an àm gur a rud a bh' ann nach tachradh gu an ceann ginealaich eile.

"Mar sin 's e ceist gu math mòr a bh' ann, agus bha atharrachaidhean a' dol a thighinn a-mach às co-dhiù," thuirt i.

Am measg nan daoine a bha ag iomairt airson neo-eisimeileachd anns na h-Eileanan an Iar, bha Gòrdan MacIllInnein.

Chan eil e na iongnadh dha gu bheil taic airson a' Phàrtaidh Nàiseanta agus neo-eisimeileachd air a dhol am meud an dèidh an Referendum.

"Tha dà rud ri linn sin, tha an gealltanas a thug iad dhan a h-uile duine gun robh a h-uile càil a' dol a dh'atharrachadh gu mòr 's gum biodh sinn a' coimhead às dèidh ar gnothaichean fhìn - cha do thachair càil dheth sin fhathast. Ma thachair, 's e glè bheag, 's tha daoine a' smaoineachadh nach eil seo a' dol a thachairt," thuirt e.

"Rud eile tha mise a' smaoineachadh, gum feum iad a bhith gu math faiceallach ma tha iad a' dol a dhèanamh referendum eile, gum faigh iad air an airgead a dhearbhadh ceart.

"Tha mise a' smaoineachadh gun do chuir sin tòrr de na daoine dheth nuair a bha iad ga dhèanamh an turas mu dheireadh," thuirt e.

An Ola

Ged a chaidh an referendum le Nas Fheàrr Còmhla, dh'èirich ceistean aig an àm co-dhiù bu chòir do luchd-taic Làbarach, a bha airson an t-Aonadh a ghlèidheadh, a bhith air a dhol ann an co-bhann leis na Tòraidhean san iomairt.

"Chan eil mi a' smaointinn gum bu chòir dhuibh a bhith a' coimhead air ais mar sin," thuirt Ealasaid NicDhòmhnaill.

"'S e sin an rud a thachair aig an àm, agus 's e sin a bha daoine a' smaointinn a bha ceart.

"Agus bha iad a' coimhead airson bhòt Cha Bu Chòir, agus 's e sin a fhuair iad.

"'S e rud doirbh a bh' ann, a' seasamh air àrd-ùrlar sam bith le daoine nach eil thu deònach a bhith còmhla ri, ach sin dìreach mar a bha cùisean aig an àm."

Tha cuid den bheachd gu bheil suidheachadh gnìomhachas na h-ola an-dràsta na dhearbhadh air cho cugallach 's a bha an argamaid eaconamach airson neo-eisimeileachd.

"Bha tòrr a' bruidhinn mu dheidhinn na h-ola aig an àm, agus nam biodh fios air a bhith aig daoine gun robh e a' dol a bhith mar seo, tha mi a' smaointinn gun tigeadh tòrr dhaoine a-mach a bhòtadh Cha Bu Chòir," thuirt Ealasaid NicDhòmhnaill.

Tha Gòrdan MacIllInnein den bheachd ge-tà, gu bheil stòras gu leòr aig Alba airson eaconamaidh neo-eisimeileach sheasmhach a stèidheachadh, ola ann no às.

"Chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil an ola a' dol a dhèanamh diofair sam bith.

Cothrom mu Dheireadh

"Chan eil mòran rìoghachdan air feadh na Roinn Eòrpa aig a bheil uisge-beatha, aig a bheil craobhan, aig a bheil iasgach 's aig a bheil turasachd.

"'S e bònas a th' anns an ola."

Tha deasbad làidir a' dol mu dheidhinn referendum eile, gun ach bliadhna air a dhol seachad bhon fhear mu dheireadh.

Tha sin a' cur cais air daoine a bhòt airson Nas Fheàrr Còmhla.

"Tha e a' cur dragh air daoine," thuirt Ealasaid NicDhòmhnaill.

"Fhathast tha sinn a' faicinn nam meadhanan 's a h-uile duine a' bruidhinn mu dheidhinn referendum neo-eisimeileachd. Bha sin againn.

"Rinn sinn sin, agus thuirt sinn Cha Bu Chòir.

"Bu chòir dhuinn a-niste a bhith a' dol mun cuairt agus ag obair air na rudan a tha na coimhearsnachdan againn ag iarraidh," thuirt i.

Nan deadh referendum eile a chumail, tha faireachdainn am measg luchd-taice Bu Chòir gur e dha-rìribh an cothrom mu dheireadh airson neo-eisimeileachd ann an ginealach.

"Ma dh'fheuchas iad fear eile 's gun caill iad, uell tha an doras dùinte aige sin, mar a chì mise e co-dhiù," thuirt Gòrdan MacIllInnein.

"Chan eil mise a' smaoineachadh gun urrainn dhaibh a dhol air adhart bhon uair sin," thuirt e.