Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Alba

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' fàgail air a' Phrìomhaire, Dàibidh Camshron, nach do chùm e ri gealltanas gum faigheadh Alba tuilleadh fèin-riaghlaidh. Aig òraid ann an Dùn Èideann an-diugh, bliadhna air an là bho bha referendum ann, thug Ms Sturgeon rabhadh dhan Phrìomhaire mura h-èist e ri guth na h-Alba nach dèan e ach Alba a chur nas fhaisge air neo-eisimeileachd. Gheall Dàibhidh Camshron atharrachadh ge-tà, air an lagh a bheir tuilleadh chumhachdan do dh'Alba gus am bi e follaiseach, thuirt e, gu bheil Pàrlamaid na h-Alba maireannach. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gun tèid na h-uimhir de leasachadh a thoirt air Bile na h-Alba, agus gun tèid cabhag air a' phròiseas fo am faigh Pàrlamaid Holyrood tuilleadh chumhachdan.

Fògarraich

Tha an Ungair a' togail feansa air a crìch ri Croàitia airson stad a chur air fògarraich agus luchd-imrich. Chuir an Ungair feansa mar thà air a crìch ri Serbia. Tha mìltean de luchd-imrich a' feuchainn a-niste air slighe tro Chroàitia agus Slobhèinia, leis gun do chur an Ungair tilleadh orra.

'S tha coltas ann gur ann à Siria a bha fògarrach a chaidh a mharbhadh le gath-dealain 's e a' feuchainn ri faighinn air trèana bathair aig beul Tunail a' Chaolais Shasannaich ann an Calais. 'S e an deicheamh duine a chaill a bheatha an sin air na trì mìosan mu dheireadh.

An t-Òban

Thug Riaghaltas na h-Alba cead do dh'àrd-sgoil ùir anns na Òban. Bha comataidh dealbhachaidh na Comhairle deònach cead a thoirt dhan sgoil ùir, ach thàinig orra an uair sin fios a chur gu Riaghaltas na h-Alba leis gun deach dragh a thogail mu ionad gas a tha faisg air làimh. Cosgaidh e mu £24m an sgoil ùr a thogail.

Subsadaidh

Tha meur an Eilein Sgitheanaich de dh'Aonadh nan Tuathanach am measg na tha a' gearain air atharrachadh ann an sgeama taic an talamh ionaltraidh. Tha na riaghailtean ùra a' ciallachadh gu bheil croitearan air am fàgail eadar dà sgeama, 's tha dragh ann gun caill iad taic-airgid ris an robh dùil aca air an fhearann agus airson uain bhoireann a chumail.