Thuit duine gu bhàs far mullach phàirce chàraichean

  • Air fhoillseachadh

Chaochail fireannach a thuit bho mhullach phàirce chàraichean ann am meadhan Inbhir Nis sa mhadainn Dihaoine.

Chaidh fios air na seirbheisean èiginn chun an togalaich goirid ro 09:00m, agus chaidh fireannach a thoirt gu ospadal an Ràthaig Mhòir, far an do chaochail e.

Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mun bhàs.

Tha sràidean ann am meadhan a' bhaile, a bha dùinte an dèidh an tachartais, a-nise fosgailte.