Meur Sgitheanach an NFU a' gearain mu shiostam ùr sgeama-taic na talmhainn ionaltraidh

  • Air fhoillseachadh

Tha meur an Eilein Sgitheanaich de dh'Aonadh nan Tuathanach am measg na tha a' gearain gu làidir mu atharrachadh ann an sgeama-taic na talmhainn ionaltraidh.

Tha na riaghailtean ura a' ciallachadh gu bheil iad mì-chinnteach mun taic airgid a gheibh daoine.

Tha roinnean pàighidh nan croitearan air am meas air obair a h-uile croitear air talamh-ionaltraidh, an àite air obair gach croitear fa-leth, agus tha sin a' toirt droch bhuaidh air croitearan aig a bheil barrachd bheathaichean.

Tha cuid de chroitearan air a bhith air an comharrachadh airson pàigheadh roinn a dhà de shubsadaidh airson droch thalamh air na croitean aca agus pàigheadh roinn a trì airson talamh ionaltraidh.

Tha seo a' ciallachadh cuideachd gun caill iad airgead bho Sgeama nan Oithisgean, ri linn 's gum feum 80% dhen talamh a bhith air a mheas mar thalamh roinn a trì.

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach bho mheur an Eilein Sgitheanaich de dh'Aonadh nan Tuathanach air Aithris na Maidne nach eil coltas ann gu bheil an riaghaltas a' tuigse na tha a' tachairt.

Bha e cuideachd ag ràdh gun iarradh e air an aonadh an riaghaltas a thoirt gu cùirt, mar a thachair anns a' Chuimrigh, far an d' fhuair tuathanaich taic a bharrachd às dèidh dhaibh a dhol gu lagh.