An Siorcas agus am Baile Mòr

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bha Dùn Èideann am measg nan àiteachan a bhòt gu làidir an aghaidh neo-eisimeileachd.

'S e baile brònach a tha ann an Dùn Èideann anns an t-Sultainn.

Aig deireadh an Lùnasdail, às dèidh nan cleasan-teine, sgrìobaidh na cleasaichean am pèanta far an aodann, cuiridh an luchd-ciùil na h-ionnsramaidean aca air falbh, thèid na lochrannan a smàladh agus na h-àrd-ùrlaran a thoirt a-nuas. Falbhaidh an luchd-turais agus na còmhlain-chluiche agus gabhaidh luchd an àite fhèin anail thaingeil gun d'fhuair iad am baile aca air ais.

Anns an t-Sultainn dà mhile is a ceithir deug, ge-tà, mhair an Fhèis beagan na b'fhaide na an àbhaist. Nuair a thàinig Iomaill Fèis Dhùn Èideann gu crìch, ghluais i gu Holyrood agus, fad seachdain no dhà, ghluais Alba fhèin a-steach bhon iomall gu teas-mheadhan aire an t-Saoghail.

Bu choltach gun robh an siorcas gu lèir - na h-àrd-ùrlaran, na lochrannan agus na cleasaichean uile air gluasad sìos a' Mhile Rìoghail agus na teantaichean aca a thogail taobh a-muigh na Pàrlamaid.

A' toirt sùil air ais air na nòtaichean agam bho na làithean bruthainneach sin an-uiridh nuair a bha an samhradh a' gèileadh don t-fhoghar, tha iomradh air còmhradh le luchd-naidheachd eadar-nàiseanta, a thàinig gu Holyrood bho gach ceàrn agus ùidh mhòr aig an taigh anns an deasbad sìtheil a bha Albannaich a' cumail air an àite aca anns an Rìoghachd Aonaichte - agus anns an t-Saoghal.

Ach, mar a thachras gach bliadhna aig àm na Fèise, cha b'fheudar dhut coiseachd fada air falbh bhon t-Siorcas gus am faiceadh tu nach robh ùidh cho mòr aig muinntir Dhùn Èideann fhèin. A' coiseachd sìos Sràid a' Phrionnsa air a' mhadainn ron bhòt, chunnaic mi baile a bha a' dol air adhart leis na gnothaichean àbhaisteach. Is e blas gu math eadar-dhealaichte a bha air an àite na bha anns a' bhaile mhòr eile ud, dìreach astar beag air falbh don Taobh Siar.

Aig a' cheann-thall, dhiùlt muinntir Dhùn Èideann gabhail ri inbhe ùir don àite mar Phrìomh Bhaile Alba neo-eisimeiliche. Is dòcha, as dèidh còig bliadhna deug a' fuireach le luchd na Pàrlamaid Albannaich, a ruitheas nan cabhaig suos is sìos an Àrd-Sràid ag èigheachd a-steach do na fònaichean-làimhe aca, cha robh iad airson barrachd cumhachd a thoirt do na buill sin, no tiotal ùr a thoirt don duine a bhios a' fuireach sràid no dhà air falbh aig Taigh a' Bhòid.

Cha mhòr bliadhna as dèidh an referendum, bha beachd eadar-dhealaichte aig Coinneach nuair a bhruidhinn mi ris air na Meadows, faisg air an Oilthigh. Na bheachd, chaidh Dùn Èideann a riaghladh le a cheann - agus le a sporan. Tha companaidhean ionmhais - Banca Rìoghail na h-Alba, Standard Life, Scottish Widows - cudromach agus cumhachdail. Còrr is da chead gu leth bliadhna o thug Adam Smith na h-òraidean aige seachad ann an Dùn Èideann, tha ionmhas fhathast bunaiteach do bheatha a' bhaile. Bha gu leòr de luchd-obrach nan companaidhean sin - agus den fheadhainn aig an robh peiseanan no cunntasan leotha - mì-riaraichte leis na gealltanasan a fhuair iad bho Alex Salmond agus Nicola Sturgeon nach cailleadh iad an cuid airgid nan bhòtadh iad airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

"Cha robh na bancaichean air a shon idir," innsidh Coinneach dhomh. "Tha daoine nas sean-fhasanta agus nas beartaiche an seo. Is dòcha gun tug sin orra smaointinn gun robh e ro chunnartach".

Ach beagan mhìosan às dèidh na bhòt chaidh coltas eadar-dhealaichte a chur air cùisean. A-rithist, chaidh an dùthaich leis a' phrìomh bhaile. Ach an turas seo, chaidh iad an taobh eile. Às dèidh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd anns an t-Sultainn, chuir Dùn Èideann grunn mòr Nàiseantach gu Westminster anns a' Chèitean, a' fàgail Iain Mhoirich na ghuth aonaranach Làbarach anns a' phrìomh bhaile.

Choinnich mi ri Stiùbhart ri taobh na tramaichean gleansach ùra aig Margadh an Fheòir. Na bheachd, tha taic airson neo-eisimeileachd air fàs anns a' bhliadhna o chaidh muinntir Dhùn Èideann agus a' chòrr dhen dùthaich do na h-ionadan-bhòtaidh. Ach, saoilidh esan gur e an aon toradh a bhiodh ann an seo, nan deach a' cheist a chur a-rithist.

"Nan robh referendum eile againn a-màireach," their e, "cha chreid mi gun bhòtadh Dùn Èideann airson neo-eisimeileachd. Ach a dh'aindeoin sin, tha mi a' creidsinn gu bheil sin air an t-slighe gu neo-eisimeileachd ach chan eil mi cinnteach dè cho slaodadh is a bhios an carbad".

Mus deach crìoch a chur air na tramaichean, cha d'rinn muinntir Dhùn Èideann ach gearan mu deidhinn. Cha chluinnear guth de sin a-nis. An ann mar sin a bhitheas e le neo-eisimeileachd cuideachd? Cò aig tha fios. Ach chan abair duine le cinnt gur fada mus tig an Siorcas don phrìomh bhaile a-rithist.