Gealltanasan gan sireadh mu chumhachd

Crann-gaoithe
Image caption Bithear an dòchas adhartas air choireigin a dhèanamh aig a' choinneimh a thaobh taic do chumachd ath-nuadhachail.

Tha riochdairean bho chomhairlean eileanach na h-Alba a' coinneachadh ri ministearan cumhachd Bhreatainn agus na h-Alba ann an Glaschu Diluain 's iad a' sireadh fhreagairtean mu chumachd ath-nuadhachail.

Tha a' choinneamh ann agus mì-chinnt a' cuairteachadh a' ghnìomhachais an-dràsta is cuid de thaicean-subsadaidh gan gearradh.

Bha dòchas ann bho thùs gum biodh Rùnaire a' Chumhachd aig Westminster, Amber Rudd, an làthair aig na còmhraidhean ach tha i a-nise gu bhith aig coinneamhan ann an Sìona.

Tha sin a' fàgail gur e Ministear a' Chumachd aig deas, Andrea Leadsom, a bhios ann còmhla ri Ministear a' Chumhachd aig Holyrood, Fearghas Ewing.

Bidh na riochdairean comhairle an dòchas soilleireachadh fhaighinn mu shubsadaidhean dhan ghnìomhachas.

Bidh an fheadhainn às na h-Eileanan an Iar cuideachd gu mòr ag amas air adhartas a dhèanamh a thaobh a' chabàill ùir a tha iad ag iarraidh eadar na h-Eileanan is Tìr-Mòr, cabàl a tha ga mheas fìor bhunaiteach a thaobh fàs a' ghnìomhachais anns na h-Eileanan.

A rèir na companaidh cumhachd SSE, thèid an argamaid 'son an cabàll a stèidheachadh a chur gu Ofgem ro dheireadh na bliadhna seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile