Airgead-dìolaidh bho Chal Mac
- Published
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthain air còrr air £300,000 a phàigheadh do dhaoine ann an airgead-dìolaidh ri linn seirbheisean a chaidh a chur dheth.
Tha seo a' dol air ais gu 2012 nuair a chaidh an lagh atharrachadh aig ìre Eòrpaich, a' fàgail gun urrainn do dhaoine airgead-diolaidh iarraidh airson seòlaidhean aiseig a chaidh a chur dheth air adhbharan teicinigeach.
Cha robh càil aca ri phàigheadh do chompanaidhean bathair ge-tà.
Thuirt am BP Làbarach airson na Gàidhealtachd, Dàibhidh Stiùbhairt, gu bheil e na annas agus na iongnadh, agus gum feumar rudeigin a dhèanadh mun t-suidheachadh.
Thàinig air a' chompnaidh Serco a tha a' ruith nan seirbheisean gu na h-Eileanan a Tuath air beagan is £6,000 a phàigheadh.
Gheibhear fiosrachadh mionaideach air làrach-lìn Chal Mac fhèin air suidheachaidhean far am faodar airgead-dìolaidh iarraidh.
Tha am fiosrachadh ag innse nach fhaighear airgead-dìolaidh no airgead air ais ach nuair nach urrainn seòladh ri linn chùisean teicnigeach.
Ma thèid seirbheis a chur dheth ri linn droch shìde, chan eil sin a' cunntadh.
Airson airgead-dìolaidh fhaighinn agus càr nad chois, dh'fheumadh tu a bhith air àite a ghlèidheadh no air pàigheadh air a shon.
Ach chan eil an riaghailt seo idir a' gabhail a-steach charbadan coimearsalta.
Ma dh'fheumas daoine àite-fuirich a chur air dòigh ri linn 's nach d' fhuair iad air siubhail, gheibh iad cosgaisean a rèir sin cuideachd, suas ri 80 Euro gach oidhche - timcheall air £60.
Tha Cal Mac ag ràdh gu bheil an t-airgead a tha iad air pàigheadh a-mach uile gu lèir a' gabhail a-steach rudan leithid biadh a thoirt do dhaoine air na soithichean an asgaidh, agus cìsean riaghaltais.